Lorg anns a bheil de na faclan  

 

Mu dhèidhinn a'cho-chruinneachaidh seo

     S e fior sheann chànan a tha ’anns a’ Gàidhlig. Tha i ceangailte ris na cànain eile ris an abrar iad na cànain Cheilteach. Tha i na co-ogha do Chuimris agus Breatainnis, ach tha i fad nas fhaisg air Gàidhlig na h-Eirinn [an Ghaeilge]. Nuair a thàinig na Gaidheil do dh’Alba à Eirinn tràth san ciad mhìle-bliadhna, thug iad leotha an cànan – a’ Ghàidhlig. Mar a sgeadaich na Gaidheil air feadh Breatainn a Tuath, no Alba, chaidh cànain eile à bith agus thòisich na daoine dùthchasach air a’ Ggàidhlig a bhruidhinn. Aig aon àm, bha Gàidhlig air a bruidhinn air feadh mòr-chuid na dùthcha air a bheil Alba san latha an diugh. Bha dhà no trì àitichean anns an dùthaich far nach robh Gàidhlig pailt bho thùs: Arcaibh, Sealtainn agus taobh an ear de dh’ Alba far a bheil Lodainn agus Na Crìochan an diugh. A bharrachd air sin, cho fad sa tha fios againn, cha robh cànan nan Gaidheal ro phailt ann an pàirt de Ghallaibh, mar a tha a h-ainm ag innse dhuinn.

     Anns a’ chiad dol a-mach, ‘s e an aon cànan a bh’ aig na Gaidheil ann an Alba agus ann an Èirinn.Thar nan linntean, dh’atharraich na cànain gus nach robh iad cho coltach ri cheile sa bha iad. Thug seo ceudan de bhliadhnaichean, ged tha. ‘B e an aon chànan a bha aig na bàird ann an Alba agus Èirinn, Gàidhlig Chlasaigeach, gus an t-seachdamh linn deug. San latha an diugh, tha na cànain gu math coltach ri cheile fhathast, agus faodaidh duine a tha fileanta ann an aon dhiubh an cànan eile a thuigsinn le oidhirp.

     Ged a bha a’ Ghàidhlig air a bruidhinn air feadh mòr chuid na dùthcha an toiseach, theann an cànan a dhol sios san aonamh linn deug, agus threig i don tuath agus don iar. Anns an ochdamh linn deug, nuair a thòisich na Gaidheil Alba fhàgail, cha robh Gàighlig ri fhaotainn ann am pailteas ach ann an ceann an iar-thuath de dh’ Alba agus anns na h-Eileanan, far a bheil iad fhathast ga bruidhinn an diugh.

     Nuair a dh’ fhàg na Gaidheil Gaidhealtach na h-Albainn agus rinn iad air Alba Nuadh agus Ceap Breatainn san ochdamh agus san naoidheamh linn deug, thug iad an cànan agus an cultur leotha. Airson a’ cheud linn as deidh do na Gaidheil tighinn a Cheap Breatainn, bha an cànan agus an cultur làidir fallain. Ùidh air an ùidh, ged tha, thòisich an cànan a dhol à sealladh. Ged a tha pàirt de chultur nan Gaidheal beò is fallain fhathast, mar fhidhlearachd agus dannsa-ceumaidh, chan eil mòran air fhàgail ann an Ceap Breatainn an diugh aig a’ bheil a’ Ghàidhlig. Ged a tha a’ Ghàidhlig gann a-nis, tha na daoine aig a bheil an cànan pròiseil aisde, agus tha mòran a’ dèanadh spàirn airson an cànan a shàbhaladh.