Lorg anns a bheil de na faclan  

 

Mu dhèidhinn a'cho-chruinneachaidh seo

‘S na seann làithean, ann an Alba Nuadh agus san t-seann dùthaich mar an ceudna, cha robh sgoiltean foirmeil pailt air an dùthaich. Ged nach robh, bha mòran Ghaidheal foghlaimte a dh’aindeoin a’ gainnead de sgoiltean a bh’ ann. Fhuair na Gaidheil foghlam gu leòr anns an taigh cèilidh – an sgoil thraidiseanta airson nan Gaidheal. ‘S e cultaran roimh’n bheul a bh’ aig na Ceiltich, agus chaidh an eachdraidhean, an laghan, agus am beul-aithris a chumail san inntinnean, gun sgriobhadh. Bha daoine anns a’ Ghaidhealtachd a bha comasach air ùirsgeulan fada innse, fiù ‘s uairean a thìde a dh’fhaid, gu bhith facal air an fhacal air an teanga. A bharrachd air seo, bha fios aca air an eachdraidh a’ dol air ais ceudan de bhliadhnaichean – gun rud sam bith a bhith sgriobhte.

Nochd sgoiltean SSPCK (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) anns an ochdamh linn deug, agus bha beagan daoine fortanach a bhith a’ fuireach faisg air tè de na sgoiltean seo, ach cha robh mòran dhiùbh ann. Agus gu mì-fhortanach, ‘s e Beurla an cànan a bha an SSPCK a’ cleachdadh an toiseach. Fiù ‘s nuair a thòisich iad air a’ Ghàidhlig a chleachdadh, ‘s e a bhith ag ionnsachadh na Beurla an ceann-uidhe a bh’ aca.

Nuair a thàinig na Gaidheil a dh’Alba Nuadh an toiseach, bha cùisean a thaobh foghlaim dìreach mar a bha iad san t-seann dùthaich, gu h-àiridh ann an Ceap Breatann. Bha beagan thidsearan anns an dùthaich ùir, agus bha iad a’ teagasg còmhlain bheaga ann an taighean prìobhaideach, ach cha robh mòran sgoiltean foirmeil ann. Bho àm gu àm, ged ta, chaidh sgoiltean foirmeil a stèidheachadh leis na daoine. Chaidh sgoil mhath a steidheachadh am Pictou ann an 1816, ach b’ e Beurla an cànan-teagaisg a bha iad a’ cleachdadh. Ged a bha iad tearc, bha beagan sgoiltean ann a bha a’ cleachdadh na Gàidhig. Mar eisimpleir, chuir Tormod MacLeòid sgoil air bhonn ann an St. Ann’s far an robh iad a’ teagasg tro mheadhon na Gàidhlig. Ach dh’fhan a’ chuid as motha de na Gaidheil ann an Alba Nuadh gun fhoghlam foirmeil gu ruige 1841 nuair a chaidh sgoiltean airson na h-uile a stèidheachadh le Achd an Fhoghlaim. Gu mì-fhortanach, thàinig bàs na Gàidhlig leis an Achd seo. Ged a stèidhich iad sgoiltean air feadh Alba Nuaidh, ‘s e a’ Bheurla an cànan a bha na sgoiltean a’ cleachdadh gu àbhaisteach, agus nuair a dh’ionnsaich na daoine a’ Bheurla, sguir iad den Ghàidhlig a bhruidhinn do ‘n chlainn. Cha b’ e a’ Ghàidhlig cànan an teallaich an uair sin, ach a’ Bheurla, mura biodh na parantan a’ bruidhinn ri chèile agus nach robh iad airson gun èisdeadh a’chlann riutha. Ged nach eil a’ Ghàidhlig marbh fhathast ann an Alba Nuadh, is ainneamh a gheibh thu clann leis a’ Ghàidhlig a-nis.

The picture used in the Education / Foghlam icon is of the Big Pond School, Cape Breton County, circa 1920 (photo from collection of Paul MacLellan)

We welcome your comments and suggestions. If you discover an error on Gael Stream / Sruth nan Gaidheal please let us know.
Thank you. rcampbel@stfx.ca.