Cùisean

 

 

Ciamar a leughas tu na sgrìobhainnean

Bidh fios agad nuair a ruigeas tu leahbar no sgrìobhainn, oir nochdaidh a thiotal no dealbh a' chomhdaich aig ceann na duilleige, air an taobh clì. Ann an cuid co-chruinneachaidhean, nochaidh cuideachd clàr-innsidh; ann an cuid eile, nochdaidh aireamh na duilleige far a bheil thu, còmhla ri bocsa a leigeas leat duilleag ùr thaghadh, no leigeas leat dol air adhart no air ais. Anns a' clàr-innsidh, bidh an roinn gnàthach air comharrachadh, agus 's urrainn dhut an clàr leudachadh -- put air na pasgannan 'gan fhosgladh no 'gan dhuineadh; put air an leabhar fostgailte shuas 'ga dhuineadh.

Fo sin gheibhear teacs an roinn gnàthach. Nuair a bhios thu air a leughadh, bidh saighdean aig a' bhun a bheireas tu gu an ath roinn no air ais do 'n roinn mu dheireadh.

Fo an tiotal no an dealbh gheibhear putannan. Put air leudaich teacs an teacs gu léir de 'n roinn seo no de 'n leabhar seo a leudachadh. Ma bhios an sgrìobhainn mór, 's docha gum beir sin ùine fada agus móran cuimhne cleachdadh! Put air leudaich clàr-innsidh an clàr-innsidh gu lèir leudachadh airson tiotalan na chabidilean agus fo-roinnean uile fhaicinn. Put air dealaich uinneag shealladar ùr a dheanamh do 'n sgrìobhainn seo. (Tha seo feumail, ma bhios thu airson coimeas a dheanamh eadar sgrìobhainnean, no airson dà sgrìobhainn a leughadh aig an aon àm.) Mu dheireadh, nuair a nì thu lorg, chomharraicheadh na faclan a lorg thu. Put air na comharraich sin a thoirt air falbh.

Open this bookshelf
Open/close this book
Faic an roinn seo de 'n teacs
Go to the previous/next section
Seall an teacs gu lèir, no na dèan e
Leudaich clàr-ìnnsidh, no na dèan e
Fosgail an duilleag seo ann an uinneag ùr
Comharraich teirmean-luirg, no na dèan e

 

Ciamar a lorg faclan àraid

Bho 'n duilleag luirg, gabhaidh ceist a dheanamh mar a leanas:

  1. Cuir ann dé na goireasan a tha thu airson lorg
  2. Innis a bheil thu airson a h-uile facal no cuid dhiubh lorg
  3. Cuir ann na faclan a tha thu airson lorg
  4. Put air a phutan Toisich Lorg

Nuair a nì thu ceist, nochdadh tiotalan de fichead sgrìobhainnean co-ionnan. Tha putan aig a' chrìch a bheireas tu gu an ath fichead sgrìobhainnean. Bho sin, gheibh thu putannan a bheireas tu gu an treas fichead no air ais gu a' cheud fichead, agus mar sin air adhart. Put air tiotal sgrìobhainn sam bith, no air a' phutan beag ri taobh, an sgrìobhainn fhaicinn.

Gheibhear gus 100 sgrìobhainnean. 'S urrainn dhut an aireamh seo atharrachadh le putadh air a' phutan roghainnean aig ceann na duilleige.

 

Teirmean luirg

Chithear rud sam bith a chuireas tu anns a' bocsa ceiste sreath fhaclan ris an cante "teirmean luirg." Chan eil anns gach teirm ach litrichean agus meuran-aireamh. Bidh teirmean air an dealachadh le àite geal. Ma nochdas caractaran eile, mar puingeachadh, dealachaidh iad teirmean dìreach mar àitean geala. As deidh sin, leigear iad seachad. Chan urrainn dhut faclan lorg anns a' bheil puingeachadh.

Mar eisimpleir, bidh a' cheist

a' laimhseachadh mar

 

Seòrsa ceiste

Tha dà sheòrsa ceist ann.

Cleachd an aireamh de teirmen lorg a thogras tu -- rosg-rann gu lèir, no fiu 's earrann gu lèir. Mura chuireas tu ann ach aon theirm, chuireadh sgrìobhainnean ann an ordugh le dé cho tric a nochdas an teirm sin.

 

Meud cheistean

Anns a' chuid as motha de na co-chruinneachaidhean, 's urrainn dhut taghadh eadar clàran-amais eadar-dhealaichte a lorg. Mar eisempleir, 's docha gum biodh clàran-amais ùdhdair no thiotal ann, no clàran-amais chabidil no earrann. Mar as àbhaist, gheibhear an sgrìobhainn co-ionnan gu lèir, ge bith dé an clàr-amais a chleachd thu.

Ma 's e leabhraichean a th'ann an sgrìobhainnean, fhosgladh iad aig an àite freagarrach.

 

Advanced searching using the MG search engine

If you have selected advanced query mode (in preferences) you have slightly different search options. Advanced searching in MG collections gives you two options, ranked and boolean. A ranked search is exactly the same as the some search descibed in Seòrsa ceiste.

A boolean search allows you to combine terms using & (for "and"), | (for "or"), and ! (for "not"), using parentheses for grouping if desired. The default operator is | (for "or").

For example, snail & farming will match documents which contain both snail AND farming, whereas snail | farming will match documents that contain either snail OR farming. snail !farming will match documents that contain snail AND DO NOT contain farming.

More precise queries can be specified using combinations of operators and parentheses. For example, (sheep | cattle) & (farm | station), or sheep | cattle | goat !pig.

NOTE: These operators are all ignored if you are searching in simple query mode.

 

Ag atharrachadh do roghainnean

Nuair a phutas tu am putan roghainnean aig ceann na duileige, 's urrainn dhut cuid de goireasan eadar-aghaidh atharrachadh a réir do riatasan.

 

Roghainnean cho-chruinneachaidh

Tha co-chruinneachaidhean ann a tha air an deanamh le iomadh fo-chruinneachadh, a gabhadh lorg leotha fhéin no ri chèile, mar ionad. Ma bhios tu airson sin a dheanamh, 's urrainn dhut fo-chruinneachaidhean a thaghadh air an Duilleig roghainnean.
 

Roghainnean cànain

Tha cànan taisbeanadh tòiseachaidh aig gach co-chruinneachadh, ach 's urrainn dhut atharrachadh do chànan eile ma thogras tu. 'S urrainn dhut an innleachd-chòd cleachdte le Greenstone atharrachadh cuideachd. Taghaidh am bathar-bog roimh-suidheachaidhean freagarrach, ach le cuid shealladairean gheibhear builean fradharcach nas fheàrr le atharrachadh gu innleachd-chòd eile. 'S urrainn dhut atharrachadh bho 'n eadar-aghaidh grafail suidhichte gu eadar-aghaidh teacsail ann an co-chruinneachadh sam bith. Tha sin feumail gu h-àraidh do luchd-cleachdaidh le ciorram fradharach.
 

Roghainnean taisbeanaidh

A rèir a' cho-chruinneachaidh, theagamh gum bi caochladh de roghainnean ann airson smachd a chur air an taisbeanan.

Leigidh co-chruinneachaidhean duilleagan an lìn leat an "navigation bar" Greenstone aig ceann gach duilleig sgrìobhainn a chumail fodha, 's mar sin nuair a tha thu air lorg a dheanamh ruigidh tu air an dearbh duilleag lìn a sheisich gun cheann-sgrìobhaidh Greenstone sam bith. Feumaidh tu putan "air ais" a chleachdadh airson lorg eile a dheanamh. Leigidh na co-chruinneachaidhean seo leat cuideachd an teachdaireachd rabhaidh Greenstone a chumail fodha nuair a phutas tu air ceangal a bheir thu a-mach as a' cho-chruinneachadh leabharlainn digiteach agus a dhol a-steach do 'n lìn-fhéin. 'S urrainn dhut riaghladh ann an cuid cho-chruinneachaidhean-lìn am bheir na ceangail air an duilleag "Search results" thu dìreach do 'n URL-fhéin, an àite do leth-breach na duilleige aig an leabharlann digiteach.

 

Roghainnean luirg

Bidh dà phaidhir phutain a' riaghladh an seòrsa seiseachadh-teacs anns na lorgan a nì thu. Tha a' cheud bhuidheann ("eadar-dhealachaidhean tuiseil") a' riaghladh gun fheum no nach fheum tuiseil uachrach agus iochrach a bhith co-ionnan. Tha an darna bhuidheann ("deiridhean facail") a' riaghladh an leigeadh seachad deiridhean facail. Gabhaidh bocsa ceiste mór fhaighinn; mar sin, 's urrainn dhut earranan teacsa lorg. Gabhaidh meud mór de teacs a lorg gu luath.

Mar eisimpleir, ma bhios na putannan Leig seachad eadar-dhealachaidhean tuiseil agus leig seachad deireidhran-facail taghte, bidh a' cheist

a' làimhseachadh dìreach mar

oir bidh an litir tuiseal uachrach ann "African" ag atharrachad gu tuiseal iochrach, agus bidh "n" agus "ing" air an toirt a-mach bho "African" agus "building" (biodh "s" air an toirt a-mach bho "builds", cuideachd).

'S urrainn dhut atharrachadh gu modh ceiste "adhartach" a leigeas leat faclan a chur ri chèile le AND (&), OR (|), agus NOT (!). Leigidh sin leat ceistean nas pongaile a dheanamh. 'S urrainn dhut an goireas eachraidh luirg a chleachdadh, a sheallas dhut do cheistean mu dheireadh. Mar sin, tha e furasda ceistean air an atharrachadh a dheanamh a rithist. Mu dheireadh, 's urrainn dhut aireamh builean agus aireamh builean air gach duilleag a riaghladh.