A collection of Gaelic poetry : Electronic Edition / Alexander MacDonald, Ridge
A collection of Gaelic poetry [manuscript]: Electronic Edition
Alexander MacDonald, Ridge

St. Francis Xavier University Library Electronic Text


-221-

221

Oran mu'n Election a bha eadar an
Tomsanach agus Doctair Mac-an-Tosich

Fonn Thug ho o lail ho o
Thug o ho ro naill leibh
Thug ho o lail ho o
Seinn o ho naill leibh

Moch sa mhadainn s mi dusgadh
S mor mo shunnd s mo cheol-gaire
Bhan chaidh Tomsan a chrunadh
Dh'aindeoin fudar an namhaid
    Thug ho etc:
Bhon chaidh Tomsan a chrunadh
Dh'aindeoin fudar an namhaid
Tha e n uachdar na cuise
Dh'aindeoin Iuich an aite
Tha e n uachdar na cuise
Dh'aindeoin Iuich an aite
Cheart aindeoin an Doctair
Ged tha n grog n stuth laidir

-222-

222

Cheart aindeoin an Doctair
Ged tha n grog na stuth laidir
Cheart aindeoin no Bigots
S gu m bu mhios iad no Satan
Cheart aindeoin no Bigots
S gu m bo mhios iad no Satan
Cheart aindeoin Chlann Isaig
Theid thu direach da n Chabinet
Cheart aindeoin Chlann Isaig
Theid thi direach da n Chabinet
S tha Pharlamaid measail
S cha bhrist iad an drasd i
Tha Pharlamaid measail
S cha bhrist iad an drasd i
Nuair bha duil ac i mhuthadh
S ann a dhluth i gu laidir
Nuair bha duil ac i mhuthadh
S ann a dhluth i gu laidir
S e Sir John a Chlach-Mhulich

-223-

223

S cha n eil duin ann bheir barr air
S e Sir John a Chlach-Mhulich
S cha n eil duin ann bheir barr air
S cha n fhaic sibh Mac Isaig
Gu dilinn na aite
Cha n fhaic sibh Mac Isaig
Gu dilinn na aite
Ach nuair dh'eugas Sir Iain
Theid Sir Iain na laraich

____________________