Dan K

Dan K. MacLeod - Oran an Election

075.07

composed by Murdoch Morrison, Grand River Falls

Oran do Angus L.

'S 'illean, na biodh oirbh-sa curam

Angus L. ata gar stiuradh

Chan eil beud nach doir e dluth sinn

le cho dluth 's gum biodh an ceo.

Is bhon tha an t-side fuireach gruamach

Suidhidh mis' is ni mi duanag

On tha na Liberals an uachdar

O gur suarach lium-s' an corr.

'S bha an J.P. ac' air an laraich

is ann tha siod a' duine straiceil

chan fhaic e fear air an laraich

le cho ard 's tha barr a shroin.

Is an cuala sibh-sa man an Siorram

ris an can iad Mister Uilleam

gum b'fhearr a dheanadh e criomadh

cha robh sgil aig' air a' chorr.

'Illean, na biodh oirbh-sa curam

Angus L. ata gar stiuradh

Chan eil beud nach doir e dluth sinn

le cho dluth 's gum biodh an ceo.

(Transcribed by Ken Nilsen)