A collection of Gaelic poetry : Electronic Edition / Alexander MacDonald, Ridge
A collection of Gaelic poetry [manuscript]: Electronic Edition
Alexander MacDonald, Ridge

St. Francis Xavier University Library Electronic Text

Oran do na Buill Pharlamaid

Ionadail (the Local Members) An aite
Repeal fhaidhinn dhuinn s ann a thag
iad an tuarasdal fhein, agus a leag
iad tuarasdal no Maighstiran-sgoille

Fonn - S ann leam nach eil Alachdmhor
An t-achd a rinn Deorsa

Gur h-e Cailin Mac Isaig
Fear a dh-innse nan tuaileas
Gun a gheall e Repeal dhuinn
S gu m bu chinnteach a fuaim e
Ach cha d-rinn e bonn stri ris
Cha robh brigh dha bhi luaidh air
Is cha n-fhaic sinn gu dilinn
Repeal bho n fhear ruadh od

-226-

226

Saoil sibh-fhein nach bu ghorach
Fir a vote leis no rasgail
Cha b'e saorsa da n Mhor-rinn
A bha comhnaidh nan aigneadh
Ach a Sior Chur m na'm poca
Cuir am porsain am pailtad
S ann a dh'fheumas sinn ropa
Chur mu sgornain s an tachdadh
S mor an tamailt da an duithich
Ma no cubuiran talchaidh
Fir gun onair gun umhlachd
Fir gun churam gun tapachd
Bhi no suidh sa chuirt od
S iad gun suul ac air ceartas
Gur h-e b'annsa leo Boodle
Bhi na m puge tighinn dhachaidh
Mile Mallachd da n Cho mh lan
A tha n Local na tir so
Fir gun aithne gun eolas
Fir gun fhaolum gun fhirinn

-227-

227

Iad na suidhe air an tonabh
Cuir ri ol as ri mi-thlachd
S greis eil air a Smogan
Far nach coir dhomh bhi ag innse