Microsoft Word - CollPionGa.doc
Exerpt from the "Isle of Coll to Malagawatch, Inverness
County: A Pioneer’s Account", Mac-Talla: Volume III July 7th
1894, Number I The Historical Account of Bartimeus

Eachdraidh Bhartlmeuls.

Aig deireadh mios meadhonach an t-samhraidh 'sa bliadhna 1820,
dh'fhag m'athair Cola le ochdnar d'a theaghlach maille ri móran
eile gu tighinn air imirich a dh'America. 'S ann an Tobarmhoire
bha an long ris na h-eilthirich a thoirt air bord agus bu
mhuladach an sealladh a bhi faicinn chairdean a dealachadh agus
gun mhór dhuil ri coinneachadh gu brath. Bha la briagha ann
'nuair chaidh na siuil a thogail agus sheol an Dunlap of.
Greenock bho chommanda lain Brown, a' fagail Tobarmhoire a
leigeil cursa bho cheann an iar Bharra air Ceap Breatuinn ged
'sann am Pictou bha na h-eilthirich ri 'n cur air tir. Bha
soirbeachadh math againn oir b'e aon latha stoirmeil a thachair
oirnn fad na h-uine. Rugadh chóignear air an luing: Iain
MacGilleain, Lachainn MacCoinnich, Ebenezer MacIllemhaoil, lain
Mac Raing agus fear MacRanig agus fear MacNimhein agus bhuineadh
iad uile do Eilean Chola. Thainig triuir dhiubh gu Ceap Breatuinn
agus chaidh dithis a dh' Eilean a’ Phrionnsa.

Cóig seachdainean an deigh dhuinn seoladh, aig deich uairean
air maduinn ghrianach, thog sinn sealladh air Ceap Breatuinn.
Bha soirbheas beag fabharach ann agus chaidh gach slat aodaich
a sgaoileadh 's an uine ghearr agus sheol i troimh Chaolas
Chanso le sruth us soirbheas leatha. Bha luchd-aitich a‘
Chaolais air gach taobh 'gar failteachadh agus mu 'n d'
thainig an oidhche, bha sinn aig Ceap Sheorais. An deigh sin
chaidh fear-iuil a ghabhail' air bord, thug sinn a stigh a
Phictou far an deach na h-eilthirich ‘s an cuid airneis a chur
air tir, agus chaidh an long suas gu Richibucto far an d' thug
i stigh luchd giuthais a thoirt air ais d'an t-seann duthaich.
Sgaoil an sin na cairdean. Chaidh cuid a dh' Eilean a’
Phrionnsa, cuid a Cheap Eoin agus cuid eile a Cheap Breatuinn.

Thuarasdalaich m'athair agus aireamh eile long bheag le fear
Aonghas Domhnullach (Co-Lauchie) gus ar toirt a Cheap
Breatunn. Bho 'n am a dh' fhag sinn Pictou bha an aimsir
fabharach gus na ruig sinn Ceap Sheorais far an do shéid
stoirm o'n iar-thuath agus bha 'n long air a luasgadh a null
agus chaidh a chuid ard dhi a bhristeadh le ainneart nan
tonn. B'i barail na cuideachd nach tugadh i mach cala mur
bitheadh duine tapaidh a mhuinntir Bharra bha maille ruinn
agus d' am aithne gach ni a laimhseachadh. Bha iad mar thuirt
Alasdair Mhac Mhaighstir Alasdair mu long Chlann-Raonuill.
"Bha fear-innse nan uisgeachan a’ glaodhaich ri fear na
stiuir, agus bha fear toirt uaip' as dhi mar a dh' fheumadh
i," etc. Agus mar sin fhuair sinn sabhailte gu Caolas
Chanso far 'n do choinnich duine coir as a' Rudh' Fhada ann a
Judique ruinn a chomhairlich duinn an geamharadh a chur
seachad maille riu agus ghabh cóig teaghlaichean ris an
tairgse. Fhuair sinn mór chaoimhneas bho dhithis fhear,

Siosalaich agus Domhnullich, agus bho shagart an aite, an
t-Urr. Alasdair Domhnullach, re a’ geamhradh, agus nuair
thainig an samhradh thug na daoine coire dhuinn siol agus
chomhairlich iad a chuir air an cuid fearann fhein gu bhi
againn air son a' gheamhraidh.
Air do m'athair iomradh a chluinntinn air loch mór a Bhras d'
Oir, thainig sinn, agus aireamh eile maille ri fear-iuil ann
ambata beag, an deigh na curachd, gu St. Peters agus tharruing
sinn am bata seachad air a’ Chrossing sin go 'n ruig sinn am
Bras d'Or agus bu bhriagha an sealladh an loch fhaicinn an la
ciuin grianach sin. Bha Taobh Deas a Bhai 'n Iar air a
shuidheacheadh le sluagh a thainig roimhe, ach cha robh duine
air a’ Bheinn a Tuath. Thainig sinn seachad air móran eileanan
maiseach agus troimh Chaolas a’ Bhoom gu Loch Mhalagawatch -
air ainmeachadh leis na h-Innseanaich agus a ciallachadh "loch
nan eileanan." Be so 'n ceann a' bhaile aig an treubh Mic-mac
agus bha an ceann-feadhna aca Iain Denny bho'n d' fhuair
Amhuinn Dhennis an t-ainm. Bha e na dhuine treun agus
caoimhneil ach glé fhiadhaich nan cuirte fearg air. Cha do
chaill na h-Innseanaich riamh an dachaidh an so, oir tha mile
acair de'n fearann a’s fhearr air a chur air leth dhaibh anns
a’ choimhearsnachd so ged nach eil móran dhiu an duigh
a’comhnuidh ann.

Tha Amhuinn Dhennis ruith stigh gu Loch Mhalagawatch agus
'nuair thainig sinn ‘sa bliadhna 1821, cha robh duine geal a
comhnuidh air. Thoisich sinn air gearradh na coille far an do
runaich sinn suidheachadh, gach neach am fagus air a
coimhearsnach agus an deigh sin bha sinn uile mar aon duine
togail tighean beaga logichean air an tubhadh le cairt nan
craobh agus coinneach air a calcaidh eadar na logichcean agus
maidean caola direach air snaigheadh leis an tal air an
leagail air son urlar. An ceann mios chaidh sinn air ais gu
Judique agus aig toiseach an t-samhraidh 1822, thainig sinn
uile, agus an siol a bha againn bho churachd an t-samhraidh
roimhe, gu Loch Mhalagawatch go dachaidh dheanadh ann agus
rinn sinn ar ceud churachd mar dh' ionnsaich sinn bho na
cairdean aig Judique. Cha robh feum air calaid, oir cha robh
beathach a chuireadh dragh air ach am mathan, agus bu tric a
thainig e ‘s an oidhche 's a chagainn e barr an t-sil 'nuair
bhitheadh e air an raon. Agus an deigh na buana, bha sinn a'
faighinn trioblaid leis na feoragan* a bhitheadh a' goid an t-
sil as na saibhlean agus 'ga chur seachad air son a’
gheamhraidh.

(Ri leantuinn.)

*Squirrels.



Mac-Talla: Volume III July 14th 1894 Number I
The Historical Account of Bartimeaus (Part II)


Eachdraidh Bhartimeuis.

'Nuair fhuair sinn crodh, bu glé thric a thigeadh aon
dhachaidh air a reubadh leis a’ mhathan. 'Nuair a fhuair sinn
caoraich, bha na mnathan a' deanamh na h-uile seorsa aodaich de
‘n cloimh agus air d' an loch a bhi lan de na h-nile seorsa
éisg bhitheadh againn leis a buntata, cha robh faramad againn
ri duine fo 'n ghréin. Bu laithaichean sona iad so, ged a
shaoileas muinntir an la 'n duigh nach robh iad ach faoin, ach
feumidh mi aideachadh gu robh an t-aite glé dhorcha gun sgoil
no fear-tegaisg air taobh stigh loch mor a Bhras d'Oir, agus a
thuilleadh a sin cha robh lighiche anns an tir mhór ris an can
sinn an diugh siorramachd Inbhirnis, agus ann an geamhradh 1823
chaidh casan nabuidh dhomh a reodhadh agus b’éiginn dol leis
ann am bata beag astar tri fichead mile gu ruige 'n lighiche
Domhnullach an Antigonish.

Mu 'n bhliadhna 1824 thainig an lighiche Noble, agus tha móran
de luchd-leughidh a Mhac-Talla eolach air an oran a chaidh a
sgriobhadh d' an bhean aige leis a' Bhard MacIllean.

Ann an 1824 chuir fhear Uilleam Compton á Eilean a’ Phrionnsa,
muilleann sabhaidh agus bleith suas air taobh tuath Loch
Mhalagawatch, ni bha glé fhabharach do mhuinntir an aite. Cha
robh rathad bho Judique a nuas Amhuinn Dhennis mu 'n cuairt
Malagawatch gu ruige ceann a’ Bhai-'n-Iar, ach bha ceum bho
Cheann a Bhai-‘n-Iar tromh River Inhabitants gu Caolas Chanso.
Cha robh ach leantuinn taobh a’ chladaich dol mu 'n cuairt
gach rudha ‘s camus, oir cha leigeadh eagal a’ mhathain leo
dol troimh 'n choille. Ann an 1825 chaidh Iain Lewis
orduicheadh leis an uachdaranachd air son criochan a
shuidheachadh eadar a’ mhuinntir a shuidhich air na fearainn,
agus dh' fhosgail e a’ cheud rathad bho Loch Malagawatch
troimh Amhuinn Dhennis agus Beinn Judique go ruig an Rudha
Fada.
Anns a' bhliadhna cheudna thainig na Kavanaghaich gu St.
Peters; bha iad a' marsantachd ann an Caolas a’ Bhoom a'
gabhail fiodh agus ‘ga chur d' an t-seann duthaich. 'S cuimhne
leam ceithir longan móra tri-chrannach fhaicinn aig an aon am
a' gabhail a stigh fiodha - agus glé thric a dha sa tri. 'Sa
bhliadhna 1827, thog iad long, "James and Tom," a dh' ainmich
mi ann an aireamh eile d'an Mhac-Talla - do chuideachd a
mhunntir Liverpool an Sasunn agus chaidh fear d' ar
coimhearsnaich Iain MacNeill a bha na dheadh sgoilear a
Shasuinn oirre agus fhuair e airgiod bho Home Mission an sin
air son sgoil fhosgladh an so, nith a rinn e air dha pilleadh
'sa bhliadhna 1831. An deigh beagan bhliadhnaichean, chaidh e
a dh' Eilean a’ Phrionnsa far 'n do shuidhich e. Bha móran a
nis a' comhnnidh air Amhainn Dhennis, oir bha e ainmeil air
son giuthais.


B’e Domhnull Domhnullach, á Glengarry an Alba, a’ cheud
mhinisteir a thainig a Cheap Breatuinn, agus sheirbhisich e da
bhliadhna eadar Hogamh 's am Bai-'n-Iar 's Malagawatch. Chaidh
e sin a dh' Eilean a' Phrionnsa far an robh e go am a bhais.
Ann an 1826 chur Eaglais Shaor na h-Alba an t-Urr. lain Mac
Illinnean na mhissionary do Cheap Breatuinn agus chomhairlich
e do mhuinntir an aite so eaglais a thogail anns an
searmanaicheadh teachdaire nuair thigeadh e. Agus anns a
bhliadhna 1828, thoisich sinn le aon inntinn agus thog sinn
eaglais a bha da fhichead troidh air fad agus deich thar
fhichead a leud - 1e tri lobhtachan: aon 'na ceann 's air gach
taobh - agus chumadh i móran sluagh. B'i a’ cheud eaglais
Presbiter ' ianach a chaidh a thogail air Eilean Cheap
Breatuinn. Am measg na bha 'ga togail bha gill' og a' deanamh
sgliatan tana guithas agus chunnaic mi an deigh sin e a'
searmanachadh innte an deigh 'bhi air fhoghlum ann an Oil
thigh na h-Eaglaise Saoir an Duneidin. Chaidh a’ cheud searmon
a dheanamh innte an toiseach an t-samhraidh 1829 leis an Urr.
Dughall MacCeigain. Ann an '32 bha a'n t-Urr. Iain Stewart air
a shuidheachadh anns a' Bhai-'n-Iar agus bha sinn a' faighinn
an cóigeamh Sabaid d' a sheirbheis agus ann an '37 chaidh an
t-Urr. Paruig MacGilleain a shuidheacheadh an Hogamah agus bha
sinn a' faighinn an cóigeamh Sabaid d' a sheirbheis-san mar an
ceudna. Bha an t-Urr. Alasdair MacFheachair a' toirt cuid d'a
sheirbheis dhuinne mu 'n ama chaidh a shuidheachadh air an
Amhuinn Mheadhonaich. Chaidh e troimh mhóran crudail an am bhi
suibhail na mhiossionary bho aite go aite. Cha robh na
bataichean cho pailt 'sa tha iad an duigh agus glé thric b’e
na h-Innseanaich le canuichean cartach a bhitheadh 'ga aiseag,
agus fhuair mi dearbhadh a chionn ghoirid gu bheil e fior gu
'n d' fhalbh e bho'n Amhuinn Mheadhonaich gu ruig Miramachi
ann an aon diu so -- far a robh e air ordaineach - oir 's ann
an sin a bha a' chleir a b' fhaisge.
Bha móran missionaries 'g ar fiosrachadh ré nam
bliadhnaichean a lean - nam measg faodaidh mi ainmeachadh na
h-Urr. Seumas Friseal Adhamh Mac Aoidh, agus Murchadh Stewart,
gu'n d' fhuair sinn an t-Urr. Aonghas Mac 'Illemhaoil bha tri
bliadhna deug ‘nar measg ach a tha nis 's a' Bhai-'n-Iar.
Thainig móran atharrachaidh air gach ni bho m'a cheud chuimhne
- ann an aite nam bruchlagan beaga tha taighean briagha -
eaglais ur an ait' an t-seann té - tigh-ministeir beagan shlat

uaithe – sgoilein Sabaid ‘s seachdain - rathaidean móra
éich us carbadan - post a’ tighinn gu riaghailteach - agus
iomadh ni eile nach leig mi leas uine a chall 'gan aithris. Is
fior an sean-fhacal a tha 'g radh, "Is iomadh rud a chi an
duine bhios fada beo,"


Bartimeus.