Microsoft Word - GoDeeperSeumas.wpd (Word98)
Seumas Mac Aonghuis `ic Iain `ic Uilleim `ic Mhurchaidh
The late James MacKay was a life long resident of Kingsville, Inverness County, where he was born in
1913. “Jimmy” was a skilled clock repairman and collector of antiques. In addition, he managed the
family farm along with his younger brother, a distinguished Gaelic style violin player, Alex Francis
MacKay.

Jimmy was intimately familiar with his community. He easily looked past his own lifetime to his great-
grandfather’s era with a starting freshness. A reserved man by nature, Jimmy’s thoughts were expressed
in well chosen words. His recollections and opinions were in Gaelic terms and are lent a special
poignancy by drawing on what is best in Cape Breton Gaelic culture
.
’S mise Seumas MacAoidh. ’S e mo shloinneadh: Seumas mac Aonghuis ’ic Iain ‘ic Uilleim ’ic
Mhurchaidh. ’S e Anna nighean Domhnaill a bha posd’ aig Muchadh MacAoidh. Tha mi dol a
thoirt dhuibh beagan air cor na Gaidhlig anns na criochan seo.
Thanaig mo shinnsr’ a Cinn t-Sail’ an Albainn. ’S e Cinn t-Sail’ MhicAoidh a chanadh iad ris
chionns gu robh Cinn t-Sail’ ann a’ bharrachd. Thriall iad as an t-seann duthaich anns a’
bhiadhna 1790. Tha mi tuigsinn gun do dh’fhag iad le ’n toil fhéin. Cha chuala mi gu robh
foirneart sam bith ann. Bha Uilleim mac Mhurchaidh ’na shaor shoithichean agus bhiodh e ri
airneis cuideachd. Cha chuala mi car son a roghnaich iad Ceap Breatainn mar aite-tuinidh. Ma
dh’fhaoidte gun do thuig iad gur h-e aite tlachdmhor a bha ann. Co dhiu, b’e seo an tir bu teinn’
orra. Cha creid mi nach robh iad a’ fas searbh do’n uisge, neo do’n mhuir.
Thog iad fearann air Cul Baile Pheadair ann a’ Siorramachd Richmond. ’S e Camus MhicAoidh
a bheireadh iad ris. Phos mo sheanair te a mhuinntir Ghleann Dail agus cheannaich e fearann
a’seo. ’S e sin is aobhar dhomh-s’ a bhith tuineadh a’seo an drasd’. ’S ann a rugadh mi agus
chaidh m’arach a’seo. Cha d’fhan mi an aite sam bith ach an seo fhéin.
Bho’n am a bha mi glé og thanaig roinn do dh’atharrachadh air cor an t-sluaigh, agus air an
teachd air tir. ’S an am mo sheanar, bha gach ait’ an deifir suidheachadh. Aig an am sin, bha a’
chuid bu mhotha do’n t-sluagh a toirt am beoshlaint’ as an talamh. Bha saothair glé mhór air a’
sin. Cha robh na h-innleachdan a tha aig feadhainn an diugh aca. Bha am fearann ri réiteach “le
neart an gaoirdeanan” mar a thuirt am Bard MacGilleathain. Bho’n am a chuireadh iad a’ choille
thar a buinn leis an tuaigh bha obair mhór air toirt gu ire barr a thoirt. Le cinnt bha na
coimhearsnaich teann air a’chéile. Bhiodh iad tric am pairt ri gach obair. ’S tric a bhiodh
Seumas MacAoidh
1

froiligean réiteach fearainn’ aca, agus frolig bhuana. B’e an corran a bha iad a’ cleachadh, agus a-
rithist an speal bheag. Bha bard anns na criochan seo ris an canadh iad Ailean mac Eoghainn.
Bha e aig froilig bhuana turas agus rinn e ceathramh do dh’oran gus tamailt a chuir air cach. Tha
e ruith mar seo:
“Bha mi uair a’ buain air achadh
Comhla ri sgioba ghillean tapaidh.
’S ann a thilg mi dhiom mo sheacaid
’S ghabh mi seachad suas orra.”
Bha rud aca ris an abradh iad froilig cath choileach. Bhiodh iad cruinn ann an tigh far am
bitheadh feadhainn a’ toirt choileach agus gan cuir air stri ri chéile. Bhiodh iad ’gam biadhadh
fad treis an toiseach, agus a’ geurachadh an spuir. Am fear leis am bitheadh an coileach a
bhuannaicheadh, bhiodh e glé bhosdail, ach am fear a chailleadh, bhiodh e fo phramh..
Bhiodh froiligean sniomh ann aig na boireannaich agus tha e coltach gum biodh roinn do spors
ann. Bhiodh drudhag ’nam measg agus roinn mhath dhiubh ri snaoisean. Eadar sin agus tea
laidir is docha gun cluinnte orain fhreagarrach nam measg.
Bha a chosnadh fhéin mu choinneimh gach duine aig amannan sonraichte do’n bhliadhna. Ach
a dh’aindheon cho dripeil ’s a bha iad, gheobhadh iad uine a dhol a shealltainn air cairdean agus
luchd-eolais fad air astar. Bha an céilidh glé fhasanta. ’S e cleachdadh a bh’ann a bha math gu
inntinn feadhainn a thogail. Bhiodh sgeul ur na ait’ ann daonnan.
Bha an sluagh glé dhileas dh’an creideamh aig an am, agus an uair nach bitheadh eaglais dluth
dhaibh choisicheadh iad fad air astar dha’n t-seirbheis. Ma sin, tha cliu ri thoirt dhaibh. A
dh’aindheoin cho daingeann ’s a bha iad ’nan creideamh bha na Gaidheil a’ creidsinn ann an
spioraid, bocain, roimh-thachaireas, eolas agus rudan mar sin. Cha n-eil teagamh nach eil a
leithid do rud ann: droch-shuil, farmad agus eile.
B’aithne dhomh cladh ann am biodh iad a’ cluinntinn caoineadh. Bha an cladh seo ann an aite
car iomallach. Cha bhiodh feadhainn ’ga chluintinn gle thric ’s lugha gun rachadh iad dluth dha.
Bha taigh ann far am bitheadh iad a’ cluinntinn bocan. Bha brathair mo mhathar air chéilidh
’san taigh seo oidhche. Tha e coltach nach robh diu aig muinntir an taighe dha air tailleabh gu
robh iad cleachdte ris. Ri uine chual’ iad fuaim agus tartaraich air a’ lobhtaidh. Thuirt fear an
taighe, “Tha a’ fear a tha gu h-ard a’cuir mu dhéidhinn dol a laighe.”
Bha giseagan ann riamh agus ’s coltach gum bi. Bhitheadh iad an aghaidh do dhuine coimhead
as a dhéidh an uair dha fhagail air turus. Bha iad cuideachd an cunntais gu robh e mi-shealbhach
nam faca sibh boireannach ceann-ruisgte agus thu triall air turas. [Bha seo na bu mhiosa buileach
ma ‘s e té ruadh a bh’innte.] Cha bu toil leo an solus ur fhaicinn tro’ ghloine. Bha seo a’
ciallachadh gum biodh cnap-starra eadar thu agus do ghnothuch fad an t-soluis. Bha iad
a’cumail a-mach nach robh e math piob-chiuil a bhith ’ga cluich aig posadh. Chuala mi
seanfhacal bha dol mar seo: “Am posadh a nithear Di-ciadaoin, cha bhi iarmad as a dhéidh.”
Bha e _na chleachdadh ac’ a-riamh a bhith posadh air Di-mairt, ach an diugh ni la sam bith
math gu leor.
Leis gu robh dotairean car gann a’cheud treis dh’fheumadh iad seal a dheanamh air aiceidean a’
leigheis aig an taigh. Bhiodh iad a’ goil spruis lair agus barr an aiteil agus ’ga ol. Bha luibh ann
Seumas MacAoidh
2

ris an canadh iad “Cuach Phadraig.” Their iad “plantain” ris ann am Beurla. Bha seo feumail
gus a chuir ri gearradh na lot sam bith. Bha luibh eile ann ris an abradh iad fliodh. Bhitheadh
iad ‘ga ghoil air son eanaraich. ’S e “chickweed” an t-ainm Beurla a th’ air.
Tha e coltach gu robh feadhainn am measg a’cheud luchd-aiteachaidh a chluicheadh an fidheall.
Cha n-eil teagamh nach robh fidhlean aig pairt dhiubh a’ tighinn dha’n duthaich seo. Tha fios
gu robh pairt dhiubh sin sar mhath. Bha ’n t-iarrtas aig cuid mhor do fheadhainn sin an
fhiodhall dh’ionnsachadh ged nach robh cothrom aca. Bha fuathas ann a dheanadh beagan
cluich nach tigeadh am follais idir. Bha cuid do na h-eaglaisean a’ bacail ceol fidhl’ air La na
Sabaid. Bha mo sheanair na fhidhleir agus cha robh e faicinn coire sam bith ann an cluich air Di
domhnaich. Bha e cluich La Sabaid a’sin, agus mhothaich e coimhearsnach a-staigh ann an
dorust. Bha e glé chinnteach gun cual’ am fear sin e agus cha robh uin’ aig’ air an fhidhill a chuir
seachad. Rinn e lethsgeul gur h-e sailm a bha e cluich.
’S ann aig an taigh rugadh a h-uile leanabh bho chionn fhada, chionns nach robh dotairean, na
taigh-eiridinn faisg air laimh. Bhiodh bean-ghluin agus bean-altruim ri faighinn anns a’
choimhearsnachd glé thric. Cha bhiodh duil aig na mnathan carrantach seo ri duais sam bith ach
is tric a rachadh an ainmeannan a thoirt air an leanabh nam b’ e nighean a bh’ann
.
Anns na laithean céin seo cha robh feadhainn a’ cumail cuideachd uine mum posadh iad mar a
tha iad an diugh. Gu tric ’s e té a mhuinntir a choimhearsnachd a bhitheadh fear a’ posadh.
Uairean eile thigeadh té a thoirt air astar. Ann an cás mar sin bhiodh i air a h-aineol glé mhór.
Bha e _na fhasan a bhith dol a dh’iarraidh bean gun eólas sam bith aig’ oirre. Nam bitheadh
amharus aig fear cait’ a’ robh té bhiodh freagarrach dha dh’fhalbhadh e le dithisd _na chois a
dheanadh cordadh. (Saoil nach robh e duilich do thé og a h-inntinn a dheanamh suas ann an
ealamhachd.) Rachadh a’ chuis a chuir an cead aig a mathair. Chuala mi naidheachd air fear
mar seo. Bha dithisd cuide ris air son bruidhinn air a shon. ’S e an oidhch’ a bh’ann agus dh’fhan
am fleasgach a-muigh. Bha e treis a’ feitheamh agus ri uine thanaig na fir a-mach le droch
naidheachd nach gabhadh i idir e. Nuair thanaig bruidhinn thuige thuirt e, “Mo thogair! Cha
robh innte ach galla co-dhiu.”
Nuair a bhitheadh caraid a’ posadh, bhiodh an toiseach réiteach ann. Bhiodh seo ann an taigh na
mna oig. Bhitheadh banais an taighe ann an taigh an fhir. Cha n-eil teagamh nach biodh i
surdail leis “an deoch mhilis nach tilleamaid bhuainn” agus biadh sughail a chaidh dheasachadh
aig an taigh.
Bha fasan ann aon uair a’ bhean og a bhith ceangail ribein air ceann na fidhleadh aig an fhidhleir
a bhiodh cluich Ruidhle na Caraid. ’S e ruidhle ceathrar a bhiodh an sin. Bha an ruidhle
ochdnar gle fhasanta cuideachd. Chuala mi naidheachd air fear a bha car deiseil gu bhith dol
anns na ruidhlichean ochdnar ged nach robh e freagairt ro mhath dha’n a’cheol. Uair sam bith a
bhiodh e dol _san ruidhle chluicheadh am fidhleir port ris an can iad, “Domhnall a’ Ruith nan
Gobhar.” ’S e Domhnall an t-ainm a bha air an fhear seo.
’S ann aig an taigh bu trice bha feadhainn a’ caochladh. Bha cuid a’ faighinn aois mhor ged a bha
móran do dh’oigridh ag eug le galairean mar a bha a’ bhreac, galar na h-amhaich’, agus
caitheamh. Bhiodh na galairean seo a’ dol tiomchioll an drasd’ agus a-rithist.
Seumas MacAoidh
3

Bha a h-uile duine air fhair’ aig an taigh le beagan do dh’fheadhainn a’ caithris fad na h-oidhche.
Nuair a dh’eugadh neach ann an cruas a’ gheamhraidh bha saothair mhor air adhlacadh. Bha
fear anns na criochan seo aon uair a bha fuireach fada bho’n rathad, agus dh’eug e ann an stoirm
shneachda. Cha robh anns an taigh ach e fhéin agus aon seann phiuthar agus cha robh lorg idir
ann a dh’ionnsaidh an taighe. Bha am fear sin marbh fad seachdain m’an d’thanaig duine mun
cuairt.
Cha robh leithid do rud ann agus ciste cheannaich idir. Bha daonnan saoir anns a’
choimhearsnachd a dheanadh ciste-laighe. Bu tric bhiodh buird air an gléidheadh air son cas
mar seo.
Bha iad a’ cumail a-mach gum biodh e fair’ a’ chladh gus am bitheadh an ath thiodhlacadh. Bha
e na chleachdadh a bhith tiodhlacadh nam marbh agus an aghaidh ris an aird-an-ear agus
pearsachan eaglais ris an aird-an-iar. Bha iad a’ creidsinn ann am fair’ a’ chladh mar sin.
Bha roinn do luchd-ceaird am measg nan seann daoine. Thanaig cuid dhiubh seo tarsuinn a’
chuain le’n cuid acfhuinn _nan cois. Dh’ionnsaich an fheadhainn oga bhuapa-san. Bhiodh cuid
do luchd-ceaird a’ dol timchioll mar a bha taillearan, griasaichean, ’s eile. Bha iad seo a’deanadh
am beoshlaint’ air feadh nan taighean. Gu math tric gheobhadh iad failt’ ’s furan. Bhiodh
daonnan naidheachdan aca air thailleabh iad a bhith siubhal na duthchadh. Bheireadh iad treis
anns gach taigh agus feadhainn a’ toirt an cuid obair dh’an ionnsaidh. Bha té og ann a bha dol a
phosadh agus bha brogan a dhith oirre. Chaidh i dh’ionnsaidh a’ ghriasaiche gu paidhir a
dheanadh dhi. Dh’inns’ i mar a bha iad bhuaipe. “Laidir, laidir, ’sa chul agus bog, bog ’sa chuid
eile; agus feuch gun tig thu fhéin dh’ionnsaidh na bainnseadh.”
Bha cubairean ri fhaighinn thall ’s a bhos. ’S e ceaird fheumail a bha seo leis gu robh tubaichean
ime ri dheanadh, crannachan agus cumain. Bhiodh gach aon dhiubh seo dol gu feum. Gu
sonraichte an am a’ bhainne.
Mun deach muileann-sabhaidh a chuir suas bha rud ann ris an abair iad pole-sabhaidh. Bha
saibh fhad’ aca agus lamh air gach ceann. Bha am maid’ a bha ri shabhadh air a shuidheachadh le
ceann dheth gu h-ard agus ceann dheth gu h-iosal agus iad ’ga shabhadh air fad. ’S e obair
shaothaireachail a bh’ann tha mi tuigsinn. Ach ri uine chaidh muileann uisge thogail agus
chaidh am pole-sabhaidh air chul.
Nuair a rachadh coirce na cruithneachd a bhuain bha e air fhagail _na sguaban, _na sheasamh a-
muigh a’ tiormachadh ris a’ghréin. ’S ann leis a’ chorran a bha iad _ga ghearradh. Ma bha pairt
dheth ri bhualadh air son siol-cur dh’fheumadh e bhith glé thioram. ’S ann le buailtein a bhiodh
iad ’ga bhualadh. Bhiodh iad ’ga bhualadh an t-am a bhiodh i reoidte leis gu froiseadh e na
b’fhearr. Tha iad ag radh gur h-e obair shunndach a bh’anns a’ bhualadh nuair a bha dithisd a’
bualadh comhla.
A-mach bhon a h-uile fear-ceaird ’s e mo bharail gur h-e an gobha am fear a b’fheumaile, gu
sonraichte an am a’ gheamhraidh. Bha eich ri cruidheadh agus dh’fheumadh iad cruidhean
geura. Bhiodh tuaghan ri bualadh a-mach gu h-araid mun d’thanaig saibh gu fasan. Feadhainn
a bha cleachadadh obair le daimh . . . bhiodh cuid dhiubh sin ri cruidheadh agus slabhraidhean
daimh ri charadh. Tha an seanfhacal ag radh. “Bi sgios a’ ghobhainn air a’ bhuachaille.” Bha
m’athair ’na ghobhainn agus bha e ag radh nach robh e riamh sgith feasgar.
Seumas MacAoidh
4

Am biadh a bha iad a’ cleachdadh an uair sin, bha e lan fallaineachd. Feuch ris a’ bhiadh a tha
iad ag ith’ an diugh. Bha coirce, eorna agus cruithneachd ’ga thogail. Bhiodh iad a’ bleith le bra
nuair a bha e dhith orra. Tha mi tuigsinn gu robh aran eorna le im ur air glé bhlasda. Bhiodh
am biadh agus an t-aran uile gu léir air a bhruich ann an soithichean iarruinn aig an t-similear.
Gu math tric bhiodh an darna cuid lite choirce na buntata pronn aca air an t-suipeir.
Air son caitheamh-aimisir bhitheadh cuideigin ann a chluicheadh tromb na fidheall na ma
dh’fhaoidte cuideigin a ghabhadh oran. Ri m’chuimhne fhéin bha fear ’sa choimhearsnachd a
bha math air orain, puirt-a-beul agus sgeulachdan. ’S tric a bha e seo ‘s sinn ag éisdeachd ris. B’
e seo Steaphainn O’Handley.
Bha fear a’ fuireach fasig air aite mo sheanar a bha cleachdadh cluich na tromb. Bha bothan beag
aige an oir na coilleadh agus e posda. Cha robh a bhean riaraichte leis an t-seann taigh a bh’aice.
Oidhche a bha sin fear an taighe a’ cluich agus thionndaidh a bhean ris _s thuirt i ris, “A
laochain, nach cluich thusa ‘Nead an Eoin anns a’ Choillidh’.”
Cha robh ach da dhoigh air siubhal. A’ cheud turus cha robh rathad ann. Cha robh ach ceum
thron a’ choillidh. Dheanadh sin an gnothach do dhuine dh’a chois na air muin eich eadar na
bailtean. Ri uine thigeadh gu ire daimh na each ann an cairt. Chaidh a’ cheud rathaidean a
dheanadh le eich agus crainn-threabhaidh. Bhitheadh e ’na eabar an am an Earraich gu
sonraichte. Gu fortanach cha robh daoine ri móran siubhail. Co-dhiu bha each agus diallaid gu
math fasanta.
Chuala mi iad ag radh gum bitheadh soithichean siuil a’ tighinn a-staigh gu Caolas Chanso.
Bhitheadh pairt dhiubh a’ seoladh do na Staitean Aonaichte agus neach sam bith aig am biodh
aobhar a dhol air sgriob a Phictou na do Bhostan dh’fhasdadh e dhol air bord am Bail’ a’
Chlamhain. Cha ligeadh tu leas Beurla, na litir cead-siubhail. Dheanadh iad glé bheag do
dh’airgead ann an gnothuch a’ bharrachd air dioladh-faraidh.
Nuair a thanaig an carbad-ola adhart bha atharrachadh ann. Cha robh siubhal glé réidh le poll
agus tuill air a’ rathad. Bha eagal air na h-eich ro na cars.
Bha pairce-réis anns a’ pharraiste aon uair. Bhiodh iad a’ seo agus bha eich luath’ ruith ann. Cha
robh duais ’ga tairgsinn ach a’ ruith nan each air son fearas-chuideachd. Cha deach an gnothuch
seo a chumail suas aon uair ’s gun do chosg feadhainn an annas dheth.
A dh’aindheoin mar a chaidh a’ Ghaidhlig as ri m’ linn, tha i beo fhathast anns na cridheachan
am measg nan seann fheadhainn. Tha i cuir duilichinn mhór orm fhaicinn nach eil diu aig a’
chuid ’s motha do ’n ogradh dha’n a’ Ghaidhlig. Tha iad mar gum biodh eagal orra nach biodh
iad anns an stoidhle, ach nam biodh fhios aca cho priseil ’s a tha an canan sin agus cho blasda ri
labhairt. Tha tlachd oirre gu bhith ag innse naidheachd na a’ gabhail oran. Bhiodh e ’na chall
mór na rachadh i á fasan uile gu léir, ach tha dochas againn nach basaich i gu h-iomlan air
tailleabh gu bheil grunn do dhaoine thall ’s a bhos ag obair ri a taobh. Tha cliu ri thoirt dhaibh-
san a tha dol dh’ionnsaidh nan saothairean ’ga toirt beo agus a cumail suas. Ach mar a thuirt am
facal “Tha a’ lan agus a’ ghaoth ’nan aghaidh.” Ach co dhiu, tha mi’n dochas gun sealbhaich leo.
Ach an fheadhainn againn a dh’ionnsaich og i, cha n-eil curam gun caill sin i air sgath gu bheil
fhathast cunntais do shluagh mun cuairt ’ga labhairt. Iad-san a tha fuireach ’nan aonar gun
chothrom air a comhradh riuth-san aig a’ bheil i . . . tha e coltach gum bi iad a’ meamhrachadh,
Seumas MacAoidh
5

agus a’ smaoineachadh ann an Gaidhlig. Tha e fior nach gabh a’ Ghadhlig call uile gu léir.
Dhearbh mi sin turas a bha mi bruidhinn ri fear a thug lethcheud bliadhna anns na Staitean
Aonaichte. Bha e glé fhileanta ged nach fhac’ e duine ’san uine sin a bhruidhneadh i. Tha e fior
gu leor nach dean sinn móran beoshlaint’ air a’ Ghadhlig ach gheobhainn mi fhin car leth-
oireach as a h-aonais
Nuair a chaidh mi do’n sgoil an toiseach cha robh facal Beurla agam agus bha sin na cnap-starra
dhomh. Na chuala mi do chomhradh suidhichte, do naidheachdan, agus do dh’orain fad’ mo
bheatha, saoilidh mi gum bi mi car lom as aonais a’chanain. Dh’ionnsaich mi am beagan Beurl’ a
th’ agam anns a’ sgoil. Bha mi somalta m’ a h-ionnsachadh agus rinn sin nach eil mi fileanta ’ga
bruidhinn.
Chan aithne dhomh aon reusan gu leth a choiricheas mi air son dol sios na Gaidhlig. Bha cuid
do dhaoine smaoineachadh na robh beagan Beurl’ aig a’ chloinn mu’n do theann iad ri dol dha’n
sgoil gum biodh e ’na chuidheachadh dhaibh. Agus a’ cheart fheadhainn, cha robh ac’ ach
beagan fhaclan do dhroch Bheurla. Rinn sin nach robh aca ach leth mu leth. Le siubhal an t-
sluaigh agus comeasgadh tha e coltach gun d’fhuair a’ Bheurla lamh an uachdair.
Bha uair a dheanamaid creic agus ceannach ann an Gaidhlig. Bha an canan sin aig na
marsantan, ach chaidh sin gu bas.
Bha baird ionadail timcheall a’seo aon uair. Bha Clann Eoghainn ann ri linn mo sheanar. B’iad
sin Ailean agus Raghnall agus am piuthar Clementine. Bha pairt do Chloinn Mharais ri
bardachd cuideachd. B’ e Sine Nic Aonghuis an aon bhan-bhard a b’ainmeil a bha ’nar measg.
Bha Clann ’llleain ’nam bard air leth. Bha Alasdair mac Eoghainn Bhain, ris an abradh iad
‘Alasdair a’ Ghuib’, ’na bhard gun chearb. Bha a mhac, Domhnall Lios, ainmeil ’na la.
Dheanadh Somhairle Mac’Illeain orain e fhéin. ’S e Somhairle Liosaidh a chanadh iad ris.
Bi e cuir duilichinn orm a’ meamhrachadh air na daoine ainmeil a thriall. Cha robh sgoil na
ionnsachadh aca chionns nach d’fhuair iad cothrom air seo fhaotainn. Aig an am cheudna bha
feairtean inntinn’ aca bha sonraichte. Meamhair a bha air leth math agus ceann labhairt gun
chearb. Tha e math gu bheil daoine a’ feuchainn r’ an cliu a chumail suas. Chaidh iomadh oran
a dheanamh, agus ionnsachadh. Bha feadhainn ag earbsa tuillidh ’sa choir ri meamhair agus
nuair a dh’fhalbh a-san aig a’robh na h-orain sin bhasaich iad comhla. ’S math gu bheil duine
ann fhathast aig a’ bheil pairt dhiubh.
Ann a’ co-dhunadh, bu thoil leam a ghradh ged a tha a’ Ghaidhlig a’dol a bhas uidh air n-uidh
gu bheil dochas agam gun dean i aiseirigh ri uine. Nan deanadh luchd-riaghlaidh na tir’ suas an
inntinn gu cobhair a dheanamh agus a bhith faicinn Ghaidhlig anns na sgoiltean, na Sgoil
Gaidhlig a bhiodh ’ga chumail thall ’s bhos, ri uine ma dh’fhaoidte gun gabhadh barrachd do’n t-
sluagh tlachd dha’n chanain. Na chaidh dheanadh cho fada seo, cha robh ann ach “sop air sgath
sgoinne.” Ged tha beagan deifir anns a’Ghaidhlig a tha iad a’ labhairt ann an cearnan dha’n
eilean seo cha n-eil sin na chnaptuislidh sam bith. Bha pears’ eaglais a’seo aon uair a bha air leth
math ’sa Ghaidhlig ged ’s e, mar a thuirt e-fhéin, “...ogha an Fhrangaich agus ogha an
Eireannaich” a bh’ann. Agus e aig an am cheudna air a chunntais mar an sgoilear Beurla a
b’fhearr an iar air Monadh a’Righ. Mar seo, tha daoine ionnsaichte déidheil air a’ Ghaidhlig
ionnsachadh agus a cumail an cleachdadh. Mar a thuirt Aonghas Mac’ill Fhaoilean rium fhin
nuair a thachair mi ris, dh’fhoighneachd e, bheil Gaidhlig agam thuirt e: “Suarach an cualach i
air bharr na teanga.”
Seumas MacAoidh
6

A dh’aindheoin buaidh luchd na Beurla, cho fada seo, is docha gun dean a’ Ghaidhlig
buannachd. Mar a thuirt lain Ruadh Stiubhairt, “Thig a’ chuibhle mun cuairt car o dheas na o
thuath ’s gheibh ar n-eascairdean duais an eucoir.”
Mar sin cha n-eil againn ach a bhith cumail ar cluais air cia mar a tha a’ chuis a’dol. Agus tha mi
’n dochas gun tig atharrachadh air gnothaichean ann am fabhar na Gaidhlig.
From
Sealladh gu Taobh:Oral Tradition and Reminiscence By Cape Breton Gaels , edited by James
Waston and Eillison Robertson, published by UCCB Press & the UCCB Art Gallery, 1987. ISBN #0-
920336-05-1. Story handwritten by Jimmy MacKay and transcribed and edited by Jim Watson. Used
with permission.

Seumas MacAoidh
7